I have used Global Connections for translation of marketing copy into Chinese and Thai for some of our overseas promotional literature. The work has always been delivered on time and as specified, and the staff I have had dealings with are friendly and efficient. I would be happy to recommend them for anyone looking for a translation service.![]()
Ka Man Wan,
University of Abertay, Dundee
Fàilte oirbh gu ar duilleig Ghàidhlig. Tha sinn an dòchas gun còrd ar làrach-lìn ribh agus gum faigh sibh fiosrachadh a tha feumail agus ùidheil.
Tha a’ mhòr-chuid den làrach ri fhaotainn ann am Beurla a-mhàin an-dràsta. ’S e a tha fa-near don duilleig seo, gum faigh sibh mìneachadh farsaing mu na seirbheisean a tha rim faotainn nur cànan fhèin.
Gach bliadhna, bidh sinn a’ cur cheudan de dh’eadar-theangairean a dh’obair air cùmhnantan gus daoine a chuideachadh bruidhinn ri chèile nuair a dh’fhaodadh cànan a bhith na bhacadh.
Tha trì seòrsaichean sheirbheisean eadar-theangachaidh mar-aon as urrainn dhuinn a thabhann dhuibh:
Thèid againn air gach seòrsa sgrìobhainn eadar-theangachadh bho Bheurla gu Gàidhlig no bho Ghàidhlig gu Beurla. Am measg nan eadar-theangachaidhean a rinn sinn o chionn ghoirid bha na cuspairean agus seòrsaichean sgrìobhainnean uile a leanas:
Tha ar prìsean airson eadar-theangachaidh stèidhichte air an àireamh fhaclan ri eadar-theangachadh, cho toinnte agus a tha an teacsa agus cho luath ’s a dh’fheumar crìoch a chur air an obair.
Nuair a thathar a’ dol a dhèanamh iomadh lethbhreac den eadar-theangachadh, a’ dol ga sgaoileadh fad is farsaing, a’ dol ga shealltainn gu poblach no air an eadar-lìon, tha sinn a’ moladh gum bu chòir an obair a dhearbhadh le dàrna eadar-theangair cuideachd.
Nìthear dearbhadh air eadar-theangachadh sam bith a dh’iarras sibh.
Tha na prìsean airson dearbhaidh air eadar-theangachadh stèidhichte air an àireamh fhaclan, ma nì sinne an t-eadar-theangachadh, agus air uairean a thìde ma thèid iarraidh oirnn eadar-theangachadh a dheasachadh a chaidh a dhèanamh le cuideigin eile mu thràth seach aon den sgioba againn fhìn.
Tha sinn cuideachd a’ tabhann seirbheis ioma-chànanach airson obair dealbhaidh agus clò-òrdachadh. Ma tha sibh ag iarraidh gun nochd ur n-eadar-theangachadh leis an aon dealbhadh san do nochd a’ chiad sgrìobhainn, thèid againn air seo a dhèanamh dhuibh. Ma tha dealbhadh agaibh mu thràth, obraichidh sinn le sin, no faodaidh sinn dealbhadh ùr fiù ’s a chruthachadh dhuibh ma dh’fheumar. Bidh cosgaisean nan seirbheisean seo a rèir cia mheud uair a thìde a bheirear air a’ phròiseact.
Aon uair 's gu bheil teacsa air a h-òrdachadh, tha sinn a’ moladh gun toirear sùil às ùr air an sgrìobhainn air eagal ’s gu bheil mearachdan clò ann. Canar ath-sgrùdadh ris an obair seo. Nìthear ath-sgrùdadh daonnan air pròiseactan a rinn ar sgioba clò-òrdachaidh gun chosgais sam bith a bharrachd. Nuair a bheir sinn teacsa do luchd-ceannaich a nì an clò-òrdachadh iad fhèin, agus iad ag iarraidh ath-sgrùdadh a dhèanamh air, nì sinn sin dhaibh. Bidh na cosgaisean an uair sin an crochadh air cia mheud uair a thìde a thug an t-ath-sgrùdadh air a’ chlò-òrdachadh.
Tha sinn a’ tabhann taghadh de sheirbheisean fuaim-lèirsinneach le stuthan cànain neo-dhùthchasach, nam measg tar-sgrìobhadh agus clàraidhean fuaim. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu na seirbheisean seo, cuiribh fios thugainn le ur toil.